{"id":39,"date":"2017-04-02T21:05:26","date_gmt":"2017-04-02T21:05:26","guid":{"rendered":"https:\/\/www.sgts.org.uk\/?page_id=39"},"modified":"2017-04-02T21:05:26","modified_gmt":"2017-04-02T21:05:26","slug":"eachdraidh","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/co-sinne\/eachdraidh\/","title":{"rendered":"Eachdraidh"},"content":{"rendered":"<p><strong>Eachdraidh ghoirid de Chomann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba \u00a0<\/strong><\/p>\n<p>St\u00e8idhichte sa Ghiblean 1934, dh\u2019fhoillsich an Comann a chiad imleabhar ann an 1937:\u00a0 <em>Scottish Verse from the Book of the Dean of Lismore<\/em> air a dheasachadh le Uilleam I. MacBhatair.\u00a0 Chuir seo slat-tomhais sgoilearach mu choinneamh nam foillseachaidhean eile, agus sa bhad th\u00e0inig an t-imleabhar seo gu bhith na leabhar-teacsa \u00f9ghdarrasail do dh\u2019oileanaich na G\u00e0idhlig ann an oilthighean is ann an sgoiltean.<\/p>\n<p>Chuir an D\u00e0rna Cogadh stad air obair foillseachaidh a\u2019 Chomainn, ach san \u00d2gmhios 1947 chaidh an Comann ath-st\u00e8idheachadh gu foirmeil agus ann an 1952 nochd an ceathramh imleabhar, <em>The Songs of Duncan Ban MacIntyre<\/em> |<em> \u00d2rain Dhonnchaidh Bh\u00e0in<\/em>, deasaichte le Aonghas MacLe\u00f2id. Dh\u2019fh\u00e0s an cruinneachadh seo cho soirbheachail is gun robh feum air ath-cho-bhualadh anns na seachdadan.<\/p>\n<p>Ann an 1996, leis a\u2019 chruinneachadh <em>Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems <\/em>air a dheasachadh le Ruaraidh MacTh\u00f2mais, st\u00e8idhich an Comann \u2018Sreath \u00d9r\u2019 de dheasachaidhean ann an c\u00f2mhdach bog agus as aonais eadar-theangachaidhean Beurla. B\u2019e an d\u00e0rna imleabhar san t-Sreath \u00d9r, <em>M\u00e0iri Mh\u00f2r nan \u00d2ran<\/em> (deasaichte le D\u00f2mhnall E. Meek), a\u2019 chiad leabhar riamh aig a\u2019 Chomann a bha air a dheasachadh ann an G\u00e0idhlig.<\/p>\n<p>Gu ruige seo (2017), tha an Comann air 29 imleabhraichean fhoillseachadh. \u2019S iad an fheadhainn as \u00f9ire\u00a0 <em>Laoidhean Spioradail Dh\u00f9ghaill Bhochanain<\/em>, deasaichte le D\u00f2mhnall E. Meek, agus\u00a0 <em>C\u00f2mhraidhean nan Cnoc: the nineteenth-century Gaelic prose dialogue<\/em>, deasaichte le Sheila M. Kidd.<\/p>\n<p>(Airson cunntas nas iomlaine, faic gu h-\u00ecseal.)<\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><strong>Eachdraidh Chomann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba\u00a0 <\/strong><\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p>Nuair a chuir an t-\u00c0rd-Ollamh Uilleam Iain MacBhatair Comann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba air bhonn an toiseach, sa Ghiblean 1934, chaidh \u00f9idh gl\u00e8 mh\u00f2r a nochdadh ann. Dh\u2019fhoillsicheadh a\u2019 chiad imleabhar ann an 1937: <em>Scottish Verse from the Book of the Dean of Lismore<\/em>, agus gu h-iomchaidh b\u2019 e an t-\u00c0rd-Oll. MacBhatair fh\u00e8in a dheasaich e.\u00a0 Dh\u2019fhaodte gur e toiseach t\u00f2iseachaidh gu math slaodach a bh\u2019 ann am beachd chuid\u2014 a bhith a\u2019 toirt tr\u00ec bliadhna gus a\u2019 chiad imleabhar a chur a-mach\u2014 ach cha bu mhiste \u00a0cuimhneachadh gum faodadh obair mh\u00f2r fh\u00e8in a bhith an l\u00f9ib an deasachaidh.\u00a0 Bha a\u2019 chiad imleabhar seo an \u00ecre mhath a\u2019 riochdachadh obair beatha s\u00e0r-sgoileir, agus, mar chiad fhoillseachadh a\u2019 Chomainn, cha b\u2019 urrainn dha a bhith na b\u2019 fhe\u00e0rr.\u00a0 Mar a bha MacBhatair fh\u00e8in air a r\u00e0dh na \u00f2raid fhosglaidh dhan Chomann, bha cruinneachadh an Deadhain fh\u00e8in a\u2019 comharrachadh f\u00ecor thoiseach nan oidhirpean gus litreachas na G\u00e0idhlig ann an Alba a ghleidheadh, agus st\u00e8idhich deasachadh MhicBhatair inbhean sgoilearach a bha feumail is buannachdail airson nam foillseachaidhean a th\u00e0inig \u00e0s a dh\u00e8idh.\u00a0 Anns a\u2019 bhad th\u00e0inig an leabhar gu bhith air a chleachdadh mar leabhar-teacsa coitcheann do dh\u2019oileanaich na G\u00e0idhlig ann an roinnean oilthighe agus sgoiltean.\u00a0 Aig an aon \u00e0m, a bharrachd air an deasachadh iomlan, chuir an Comann a-mach deasachadh den teacsa Gh\u00e0idhlig a-mh\u00e0in, \u00e0s aonais notaichean no eadar-theangachaidhean, gu s\u00f2nraichte airson a chleachdadh ann an sgoiltean. Bha e mar ghn\u00e0ths aig a\u2019 Chomann deasachaidhean mar seo a chur a-mach nuair bu fhreagarrach, ach chaidh stad a chur air seo ann an 1964, agus a r\u00e8ir coltais na deasachaidhean iomlan a\u2019 c\u00f2rdadh na b\u2019 fhe\u00e0rr ris na sgoiltean.<\/p>\n<p>D\u00ecreach ron D\u00e0rna Cogadh, ann an 1939, dh\u2019fhoillsich an Comann d\u00e0 imleabhar eile.\u00a0 Chaidh an d\u00e0rna foillseachadh, <em>The Songs of John MacCodrum<\/em>, a dheasachadh le Mgr Uilleam MacMhathain nach maireann, a bha na Cheann-suidhe Urramach air a\u2019 Chomann airson iomadh bliadhna, agus tha an leabhar aige air a bhith a-mach \u00e0 cl\u00f2 bho 1965. B\u2019 e an t-Urr. Niall Ros a dheasaich treas foillseachadh a\u2019 Chomainn, <em>Heroic Poetry from the Book of the Dean of Lismore, <\/em>agus cha do nochd e gu greis \u00e0s d\u00e8idh dhan a\u2019 Chogadh t\u00f2iseachadh. Tha an leabhar seo cuideachd air a bhith a-mach \u00e0 cl\u00f2 bho 1967. Thathar an d\u00f9il deasachaidhean \u00f9ra leasaichte de na cruinneachaidhean sin a thoirt gu buil fhathast.<\/p>\n<p>Mar a ghabhas tuigsinn, chuir an D\u00e0rna Cogadh stad uile gu l\u00e8ir air pr\u00f2gram foillseachaidh a\u2019 Chomainn, agus cha deach obair sam bith a dh\u00e8anamh airson cha mh\u00f2r sia bliadhna. Chaidh an Comann ath-bheothachadh a-rithist anmoch ann an 1946, agus anns an \u00d2gmhios 1947 chaidh ath-st\u00e8idheachadh gu foirmeil, leis an \u00c0rd-Ollamh\u00a0 MacBhatair mar Cheann-suidhe Urramach. Th\u00e0inig a\u2019 chiad fhoillseachadh \u00e0s d\u00e8idh a\u2019 Chogaidh\u2014 an ceathramh san t-sreath\u2014 a-mach ann an 1952, nuair a nochd <em>The Songs of Duncan Ban MacIntyre | \u00d2rain Dhonnchaidh Bh\u00e0in<\/em>, air a dheasachadh le Mgr Aonghas MacLe\u00f2id, Ceannard \u00c0rd-sgoil an \u00d2bain. Ged a bha an leabhar seo gu math na b\u2019 fhaide is na bu dhaoire na bha an Comann a\u2019 d\u00f9ileachadh, bha f\u00e8ill cho m\u00f2r air is gum b\u2019 fheudar ath-chlo-bhualadh a dh\u00e8anamh ann an 1978.<\/p>\n<p>Tha sruth cunbhalach de dheasachaidhean \u00f9ghdarrasail air nochdadh chun an l\u00e0 an-diugh, agus tha am pailteas ri thighinn fhathast gus adhbhar t\u00f9sail is leantainneach a\u2019 Chomainn a choileanadh.\u00a0 Ann an 1996 chuir an t-\u00c0rd-Ollamh Ruaraidh MacTh\u00f2mais air bhog \u2018Sreath \u00d9r\u2019 co-sh\u00ecnteach, leis a\u2019 chruinneachadh aige <em>Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems<\/em>. B\u2019 e amas an t-sreath \u00f9ir a bhith a\u2019 toirt seachad taghadh bho obair sgr\u00ecobhaiche fa leth (no cruinneachadh iomlan mura robh meud na h-obrach ach beag co-dhi\u00f9), le deasbaireachd agus \u00a0notaichean na chois far am bu fhreagarrach, ach gun eadar-theangachaidhean Beurla. Ann an 1999 nochd an d\u00e0rna imleabhar san t-sreath seo: <em>M\u00e0iri Mh\u00f2r nan Oran<\/em> \u2013 deasachadh \u00f9r den leabhar aig an \u00c0rd-Ollamh D\u00f2mhnall E. Meek (bho 1977) mun a\u2019 bhana-bh\u00e0rd Sgitheanach M\u00e0iri nighean Iain Bh\u00e0in, agus a\u2019 chiad dheasachadh l\u00e0n Gh\u00e0idhlig a chuir an Comann an cl\u00f2 riamh.<\/p>\n<p>Bhon a chaidh an Comann a chur air bhonn ann an 1934 s\u00ecos chun an latha an-diugh (2017), \u2019s e ochd imleabhraichean fichead a chaidh fhoillseachadh uile gu l\u00e8ir. (A bharrachd, chaidh grunn leabhraichean ath-chl\u00f2-bhualadh agus chaidh ath-cheangal a dh\u00e8anamh air an stoc dhuilleagan.) Ma choimheadar air cuspairean nan leabhraichean, chithear gu bheil naoi tiotalan deug a\u2019 buntainn ri b\u00e0rdachd, agus naoi a-mh\u00e0in a\u2019 buntainn ri rosg \u2013 ach dh\u2019fhaodte nach eil sin na iongnadh. Anns an l\u00e0 a th\u2019 ann, tha\u00a0 cuspairean nan imleabhraichean air an taghadh an \u00ecre mhath a r\u00e8ir an luchd-deasachaidh a tha rim faotainn agus a tha de\u00f2nach an obair a ghabhail os l\u00e0imh. Dh\u2019fhaodte nach eil e na iongnadh nas m\u00f2 gun robh cuideam m\u00f2r ga chur air teacsaichean bhon t-siathamh linn deug chun an ochdamh linn deug, ach tha grunn imleabhraichean air buntainn ris an 20mh linn (leithid obair a\u2019 bh\u00e0ird D\u00f2mhnall Mac an t-Saoir agus sgr\u00ecobhaichean rosg \u00f9r-nodha mar D\u00f2mhnall MacFhionghain, D\u00f2mhnall MacLaomainn, Coinneach MacLe\u00f2id, agus T\u00f2mas MacCalmain); agus tha cruinneachaidhean agus s\u00f9il aca air an naoidheamh linn deug (an d\u00e0 chuid an cultar beul-aithriseach agus an litreachas sgr\u00ecobhte) air dhol am meud mar an ceudna.<\/p>","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Eachdraidh ghoirid de Chomann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba \u00a0 St\u00e8idhichte sa Ghiblean 1934, dh\u2019fhoillsich an Comann a chiad imleabhar ann an 1937:\u00a0 Scottish Verse from the Book of the Dean of Lismore air a dheasachadh le Uilleam I. MacBhatair.\u00a0 Chuir seo slat-tomhais sgoilearach mu choinneamh nam foillseachaidhean eile, agus sa bhad th\u00e0inig an t-imleabhar seo [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"parent":23,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"footnotes":""},"class_list":["post-39","page","type-page","status-publish","hentry"],"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/39","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=39"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/39\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/23"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=39"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}