{"id":376,"date":"2018-06-15T16:27:44","date_gmt":"2018-06-15T16:27:44","guid":{"rendered":"https:\/\/www.sgts.org.uk\/?page_id=376"},"modified":"2018-06-15T16:27:44","modified_gmt":"2018-06-15T16:27:44","slug":"fiosrachadh-mu-phriobhaideachd","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/fiosrachadh-mu-phriobhaideachd\/","title":{"rendered":"Fiosrachadh mu Phr\u00ecobhaideachd"},"content":{"rendered":"<p>\u2019S e amas Comann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba (CLGA) teacsaichean fhoillseachadh anns a\u2019 Gh\u00e0idhlig. Tha CLGA gu m\u00f2r an eisimeil air buill a\u2019 Chomainn airson an dleastanas seo a choileanadh. Tha d\u00e0ta pearsanta ar buill ga chruinneachadh nuair a th\u00f2isicheas a\u2019 bhallrachd aca.<\/p>\n<p><strong>Cuin agus ciamar a bhios sinn a\u2019 cruinneachadh an d\u00e0ta agad?<\/strong><\/p>\n<p>Tha CLGA a\u2019 cruinneachadh an d\u00e0ta phearsanta agad bhon fhoirm-bhallrachd agad, agus nuair a sgr\u00ecobhas tu thugainn airson am fiosrachadh seo \u00f9rachadh. Cha bhi sinn a\u2019 cruinneachadh d\u00e0ta pearsanta bho \u00e0ite sam bith eile.<\/p>\n<p><strong>D\u00e8 an d\u00e0ta pearsanta a tha sinn a\u2019 cumail?<\/strong><\/p>\n<p>Cha bhi CLGA a\u2019 sireadh fiosrachadh pearsanta ach d\u2019 ainm, se\u00f2ladh post-d agus se\u00f2ladh-puist.<\/p>\n<p><strong>Carson a bhios sinn a\u2019 cruinneachadh an d\u00e0ta pearsanta agad? <\/strong><\/p>\n<p>Tha CLGA a\u2019 cruinneachadh d\u00e0ta pearsanta bho na buill aige airson conaltradh a chumail riutha air c\u00f9isean a\u2019 buntainn ri CLGA agus airson na foillseachaidhean aige a chur thuca. Cha bhi sinn a\u2019 reic no a\u2019 toirt d\u00e0ta pearsanta do dhaoine no do bhuidhnean eile.<\/p>\n<p><strong>Bunst\u00e8idh laghail airson an d\u00e0ta agad a l\u00e0imhseachadh<\/strong><\/p>\n<p>\u2019S e cead a\u2019 bhunst\u00e8idh laghail airson an d\u00e0ta pearsanta agad a l\u00e0imhseachadh, a\u2019 ciallachadh gu bheil thu a\u2019 toirt cead dhuinn nuair a bheir thu an d\u00e0ta seo dhuinn nuair a th\u00f2isicheas do bhallrachd.<\/p>\n<p><strong>D\u00e8 cho fad \u2019s a bhios sinn a\u2019 cumail an d\u00e0ta phearsanta agad? <\/strong><\/p>\n<p>Cha bhi CLGA a\u2019 cumail d\u00e0ta pearsanta ach fhad \u2019s a tha duine na bhall den a\u2019 Chomann.<\/p>\n<p><strong>T\u00e8arainteachd<\/strong><\/p>\n<p>Tha CLGA dealasach a thaobh an d\u00e0ta pearsanta agus a\u2019 phr\u00ecobhaideachd agad a dh\u00econ. Tha sinn a\u2019 l\u00e0imhseachadh an d\u00e0ta agad ann an d\u00f2igh a tha a\u2019 d\u00e8anamh cinnteach gu bheil an d\u00e0ta pearsanta ga dh\u00econ gu freagarrach, agus sin a\u2019 toirt a-steach d\u00econ an aghaidh l\u00e0imhseachadh gun chead no m\u00ec-laghail, agus an aghaidh call tubaisteach, sgrios no milleadh, a\u2019 leantainn chleachdaidhean freagarrach teicne\u00f2lach no rianachd a tha reachdasan co-aimisireil a\u2019 moladh.<\/p>\n<p><strong>Na c\u00f2raichean agad<\/strong><\/p>\n<p>Tha reachdasan d\u00econ d\u00e0ta pearsanta a\u2019 toirt na c\u00f2rach dhut:<\/p>\n<ul>\n<li><strong>fiosrachadh fhaighinn:<\/strong> mun d\u00f2igh anns a bheil sinn a\u2019 cruinneachadh agus a\u2019 cleachdadh an d\u00e0ta phearsanta agad<\/li>\n<li><strong>so-ruigsinneachd<\/strong>: bheirear leth-bhreac den d\u00e0ta phearsanta agad dhut ma chuireas tu iarrtas thugainn<\/li>\n<li><strong>ceartachadh<\/strong>: nach iarr thu oirnn an d\u00e0ta pearsanta agad a tha sinn a\u2019 cumail a cheartachadh mur eil e ceart<\/li>\n<li><strong>tarraing \u00e0s (c\u00f2ir d\u00ecochuimhneachaidh)<\/strong>: tha a\u2019 ch\u00f2ir agad iarraidh oirnn cur \u00e0s dhan d\u00e0ta phearsanta agad<\/li>\n<li><strong>cuingealachadh<\/strong>: tha a\u2019 ch\u00f2ir agad iarraidh oirnn mar a l\u00e0imhsichear an d\u00e0ta pearsanta agad a chuingealachadh neo a mh\u00f9chadh<\/li>\n<li><strong>cur an aghaidh<\/strong>: tha a\u2019 ch\u00f2ir agad innse dhuinn nach fhaod sinn an d\u00e0ta pearsanta agad a l\u00e0mhseachadh<\/li>\n<li><strong>so-ghi\u00f9lainteachd d\u00e0ta<\/strong>: nithear cinnteach gun gabh an d\u00e0ta pearsanta agad gluasad, leth-bhreac a dh\u00e8anamh dheth, no atharrachadh bho aon \u00e0rainneachd theicne\u00f2lach gu t\u00e8 eile<\/li>\n<\/ul>\n<p>Ma tha thu airson na c\u00f2raichean agad a chur an gn\u00ecomh, nach cuir thu fios gu CLGA aig <a href=\"mailto:fiossgts@outlook.com\">fiossgts@outlook.com<\/a>.<\/p>\n<p><strong>Briseadh riaghailtean air d\u00e0ta pearsanta a dh\u00econ<\/strong><\/p>\n<p>Ma tha thu mothachail air briseadh anns na riaghailtean air d\u00e0ta pearsanta a dh\u00econ, nach cuir thu fios gu CLGA anns a\u2019 bhad aig <a href=\"mailto:fiossgts@outlook.com\">fiossgts@outlook.com<\/a>.<\/p>","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>\u2019S e amas Comann Litreachas G\u00e0idhlig na h-Alba (CLGA) teacsaichean fhoillseachadh anns a\u2019 Gh\u00e0idhlig. Tha CLGA gu m\u00f2r an eisimeil air buill a\u2019 Chomainn airson an dleastanas seo a choileanadh. Tha d\u00e0ta pearsanta ar buill ga chruinneachadh nuair a th\u00f2isicheas a\u2019 bhallrachd aca. Cuin agus ciamar a bhios sinn a\u2019 cruinneachadh an d\u00e0ta agad? Tha [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"parent":0,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"footnotes":""},"class_list":["post-376","page","type-page","status-publish","hentry"],"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/376","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=376"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/376\/revisions"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/sgts.org.uk\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=376"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}